Sgeama taigh-croite "a' fuadach dhaoine òga"

Taigh-croite

Thuirt fear a th' air a bhith na chroitear fad a bheatha, agus a tha an-diugh na chathraiche air Oighreachd Choimhearsnachd Chàrlabhaigh, nach eil sgeama ùr nan taighean croite ag obrachadh.

Tha Coinneach MacIllInnein den bheachd gur ann a tha e a' fuadach dhaoine òga a-mach à croitearachd buileach glan.

Bha e ag ràdh gu bheil na riaghailtean a tha an cois an sgeama, a' ciallachadh gu bheil e do-dhèante dhan mhòr-chuid a tha ag iarraidh taigh-croite a thogail an taic-airgid fhaighinn.

"Chan eil seachdain a tha thu ag èirigh nach eil cuideigin an sin air an rèidio a' bruidhinn mu dheidhinn taigheadais, agus an iarrtas airson taigheadais," thuirt Mgr MacIllInnein.

"Ma gheibh sinn air sgeama cheart a chur air dòigh - agus 's e seo sgeama cho math airson croitearachd a bhrosnachadh 's a th' ann idir idir, agus cha bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead ri feuchainn ri toirt air daoine a bhith nan croitearan mus tog iad an taigh.

"Thoiribh na taighean dha na daoine òga a tha sin, agus an ceann greiseig bithidh iad nan croitearan.

"Chan e feuchainn ri bhith a' cur peanais orra, 's a' feuchainn ri an cur air dòigh 's a' cur snaimeannan orra air dhòigh 's nach fhaigh iad air a dhèanamh.

"Tha còir aig a h-uile duine aig a bheil croit a chuir a-steach iarrtas airson seo, nam bheachd-sa tha còir aca an t-iarrtas fhaighinn, ma tha iad a' cur ri croitearachd agus a' lìonadh nan cuspairean a th' aca ri dhèanamh," thuirt e.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun deach còrr air 800 taigh-croite a thogail neo a leasachadh bho 2007, agus gu bheil còrr air 20 croitear a' faighinn buannachd bhon roinn às ùire de mhaoineachadh.