Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jeremy Corbyn

Thuirt Jeremy Corbyn gu bheil esan ag iarraidh lagh ùr a chuireadh smachd air an t-suim airgid a bhiodh duine a' cosnadh. Cha tuirt an ceannard Làbarach dè an ìre aig am biodh an casg sin ach thuirt e gur ann anns an Rìoghachd Aonaichte, seach gin eile de dh'eaconamaidhean mòra an t-saoghail, a tha an sgaradh as motha ann an teachd a-steach.

Agus thuirt Mgr Corbyn gum feumar sgur a ghabhail brath air luchd-obrach a rinn in-imreachd a Bhreatainn. Thuirt e gum biodh nas lugha dhiubh a' tighinn a Bhreatainn nam biodh cùmhnantan-obrach nas fheàrr aca agus mhol e na tha luchd-obrach à dùthchannan cèin a' cur ri roinnean, mar Sheirbheis na Slàinte, a bhiodh, thuirt e, ann an èiginn nas miosa às an aonais.

Dòmhnall Trump

Tha Deamocrataich ann an Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte ag iarraidh ath-sgrùdadh air Dòmhnall Trump a bhith ag ainmeachadh a mhic-chèile, Jared Kushner, mar àrd-chomhairliche anns an Taigh Gheal. Tha iad ag iarraidh air Roinn a' Cheartais beachdachadh air a bheil seo a' bristeadh riaghailtean mu bhith a' fastadh teaghlaich.

Heileacoptairean

Chuir a' chompanaidh heileacoptair Sikorsky casg siubhail air a h-uile gin de na h-itealain S92 aca an dèidh tachartas air clàr-ola anns a' Chuan a Tuath air a' mhìos seo chaidh. Tha iad air sgrùdadh iarraidh air na rothan air earbaill nan heileacoptairean sin. Tha rannsachadh ann an-dràsta an dèidh tachartas air clàr-ola West Franklin air a' mhìos seo chaidh nuair a bha trioblaidean teicnigeach aig heileacoptair S92 a bha ag ullachadh airson laighe.

Slèite

Tha gearan air gach taobh de Linne Shlèite nach eil Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag èisteachd riutha an dèidh dearbhadh an-dè nach bi an MV Coir' Uisg' a' tilleadh dhan t-seirbheis eadar Malaig agus Armadal. 'S e an Loch Fyne agus an Lord of the Isles a bhios a' seòladh eadar an dà phort air clàr-ama an t-Samhraidh ach tha riochdairean coimhearsnachd ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus air Tìr-Mòr ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

Seirbheis Smàlaidh

Tha am ball Lib-Deamach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Tavish Scott, a' coinneachadh ri àrd-oifigich Sheirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba an-diugh a dheasbad dragh mun t-seirbheis anns a' cheann a tuath. Tha am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach ag ràdh gu bheil ath-sgrùdadh Pàrlamaid a dhìth air a' cho-dhùnadh ionad stiùiridh Inbhir Nis a dhùnadh. Tha dragh ann nach aithne do luchd-stiùiridh ann an Dùn Dè sgìre na Gàidhealtachd agus gu bheil iad a' cur sgiobannan smàlaidh a-mach air astar air taobh a-muigh na sgìre aca fhèin.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gu bheil trioblaidean air tighinn am follais bhon a chaidh an stiùireadh a ghluasad às Inbhir Nis à Dhùn Dè ach gu bheil iad ag obair air iad sin a chur ceart.