Taigh mòr Ghiogha ga cheannach?
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Urras Dualchais Eilean Ghiogha am beachd taigh mòr an eilein a cheannach

9 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha planaichean aig Urras Dualchais Eilean Ghiogha gus taigh mòr an eilein a cheannach agus a leasachadh mar ghoireas.

Tha Gàrraidhean an Achaidh Mhòir aithnichte a-measg dhaoine aig a bheil ùidh ann an lusan, ach chan eil an taigh a tha sa mheadhan mar phàirt dhen oighreachd tuilleadh.

Tha e coltach ge-tà nach eil na gàrraidhean fhèin ann an staid ro mhath, mar a fhuair Andreas Wolff a-mach.