Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

6 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Nicola Sturgeon gun gabhadh neo-eisimeileachd na h-Alba cuir an darna taobh 'son ùine nam biodh Brexit bog ann far am biodh Breatainn a' fuireach sa mhargaidh shingilte Eòrpach. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba an-diugh gu bheil ise dhen bheachd gu bheil Alba a' gluasad nas fhaisge air neo-eisimeileachd ach gun gabh sin cuir an darna taobh, a' chiad ghreis, nam faigheadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaicte aonta nach bidh cruaidh air Breatainn.

Trump

Tha Dòmhnall Trump a' cur teagamh as ùr anns bheachd gun tug an Ruis buaidh air taghadh a' chinn-suidhe sna Staitean Aonaichte le ionnsaigh air siostam compiutair Pàrtaidh nan Deamocratach. Thuirt an ceann-suidhe taighte gu bheil esan dhen bheachd gun do dhiult àrd Dheamocrataich cead dhan FBI sùil a thoirt air na compiutairean aca, an deidh aithrisean gun do ghabh luchd-brathaidh Ruiseanach gnothach riutha.

May

Agus tha coltas ann gu faodadh Theresa May coinneachadh ri Dòmhnall Trump 'son a' chiad uair cho tràth ris an ath mhìos. Tha e air tighinn am follais gun deach dithis de dh'àrd luchd-obrach a' Phrìomhaire a Washington san Dùbhlachd a bhruidhinn ri sgioba Mhgr Trump.

Corp

Chaidh corp fireannaich fhaighinn ann an coille faisg air Tomaich, an sgìre Strath Ghlais, mu 30 an iar dheas air Inbhir Nis. Bha poilis air a bhith a' coimhead 'son fear às an Òlaind, Cornelius van der Wetering, a bha 54, agus a bha air saor-laithean 'sa sgìre sin agus air nach robh sgeul bho chionn corr 's seachdainn. Thuirt na poilis nach eil dad amharasach mun bhàs.

Syria

Tha an Ruis a' tarraing pàirt den armachd air ais bhon chogadh shiobhalta ann an Syria far am bheil iad a' cur taic ris a' Cheann-suidhe Assad. Thuirt Ministreachd Dìon na Ruis gum bidh na bàtaichean cogaidh a chuir iad gu costa Shyria san Damhair a' tilleadh dhan Ruis a dh'aithghearr.

Oighreachd Bharabhais

Feuchaidh Urras Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas ri taic-airgid fhaighinn 'son còirichean iasgaich na sgìre a cheannach. Bidh dà bhliadhna ann a dh'aithghearr bho fhuair iad smachd air an fhearann ach cha robh airgead aca aig an àm 'son na còirichean iasgaich a cheannach còmhla ris. Ach tha an t-urras an dòchas a-niste gur e sin an ath-cheum.

Spòrs

Ball-coise - agus aig mullach an Championship ann an Alba a-nochd tha Hibs a' cluich Dundee United aig Easter Road. Ann an Sasainn tha Manchester City a' siubhal a chluich West Ham anns an treas cuairt de Chupa an FA. Tennis agus bidh Andy Moireach a' cluich Thomas Berdych an-diugh anns na h-iar chuairtean deireannach aig Farpais Qatar. Ach chaidh prìomh chluicheadair nam ban ann am Breatainn, Johanna Konta, a-mach à Farpais Shenzhen ann an Siona nuair a chaill ri Katerina Siniakova 'san iar chuirt dheireannach.