Corp ga lorg faisg air baile Tomaich

Thuirt Poileas Alba gun deach corp fireannaich, a bha sna leth-cheudan, a lorg feasgar Diardaoin, faisg air baile Tomaich air taobh siar Shrath Ghlais, mu 30 mìle bho Inbhir Nis.
Ged nach deach an duine ainmeachadh gu h-oifigeil, thuirt na Poilis gun robh iad a' cumail fiosrachaidh ri teaghlach Chornelius van der Wettering às an Olaind, a chaidh fhaicinn mu dheireadh san sgìre bho chionn còrr air seachdain.
Bha e air a chur roimhe fhèin còiseachd à Tomaich gu Caol Loch Aillse.
Chan eil na Poilis amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.