Cearcan a-staigh gu 28mh an Gearran

Cearcan

Leudaich Riaghaltas na h-Alba riaghailtean èiginneach a tha a' toirt air luchd-cumail chearcan no eòin sam bith eile iad a chumail a-staigh agus air falbh bho eòin fhiadhaich gu deireadh a' Ghearrain.

Bha dùil gun tigeadh an t-òrdugh gu ceann Dihaoine, agus e air a bhith an sàs 30 là ri linn cunnart bho sheòrsa ghabhaltach flù nan eun, a th' air nochdadh ann an eòin ann an Sasainn.

Ach an dèidh dha nochdadh ann an cearcan agus tunnagan a bha gan cumail ann an gàradh sa Chuimrigh, chaidh an t-òrdugh a leudachadh air feadh Bhreatainn.

Feumar na h-eòin a chumail a-staigh gu 00:01m 28mh an Gearran.

Bu chòir biadh nan cearcan a chumail air falbh bho àite far am faigh salchair eun fiadhaich ann, agus bu chòir na h-eòin fhèin a chumail ann an togalach, no mura gabh sin dèanamh, ann an àite far nach fhaigh eòin fhiadhaich sam bith ann còmhla riutha.