Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

5 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh

Thuirt ceannard nan Làbarach an Alba, Kezia Dugdale, gu bheil an Rìoghachd Aonaichte nas cudromaiche do dh'Alba na tha an t-Aonadh Eòrpach. Dh'iarr Ms Dugdale siostam feadaralach dhan Rìoghachd Aonaichte, agus Achd ùr Aonaidh. Thuirt na Tòraidhean an Alba ge-tà, nach eil earbsa aig an luchd-bhòtaidh sna Làbaraich, agus thuirt an SNP nach robh dad as ùr aig Ms Dugdale ri ràdh.

In-imreachas

Tha buidheann thar-phàrtaidh aig Westminster ag ràdh gum bu choir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte barrachd smachd air in-imreachas a thoirt do dh'Alba, agus do phàirtean eile de Bhreatainn. Tha a' bhuidheann a' moladh dhan Riaghaltas sùil a thoirt air an t-siostam a th' ann an Canada.

Bàs san Ospadal

Tha am Pàrtaidh Làbarach an Alba ag ràdh gun do chaochaill cha mhòr 700 duine san ospadal 's iad a' feitheamh ri faighinn dhachaigh thairis air 19 mìosan. Chaidh am fiosrachadh iarraidh fo riaghailtean saorsa-fiosrachaidh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air £30m a chur an dàrna taobh airson dèiligeadh ri leithid de dhàil.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Tha an Caidreachas Uaine a' cumail a-mach gun tèid 95% nas lugha de dh'airgead a chosg air pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail ann am Breatainn air an ath-thrì bliadhna. Tha a' bhuidheann, a tha a' tagradh às leth na h-àrainneachd, ag ràdh gu bheil cùisean fiù 's nas miosa na bha iad an dùil, an dèidh sùil a thoirt air planaichean bun-structair an Riaghaltais.

Sìona

Thuirt an Riaghaltas ann an Sìona gum bi iad a' cruthachadh còrr is 13,000,000 cosnadh air an ath-chòig bliadhna ann an cumhachd ath-nuadhachail. Tha cabhag air Sìona gu connadh nas glaine leis a' chron a tha stèiseannan cumhachd guail a' dèanamh air an àrainneachd aca.

Ciseorn

Chaidh cùmhnant a thoirt seachad airson luach £500,000 de leasachadh aig Gàradh Chiseoirn air taobh siar Rois. Thèid sgrùdadh a dhèanamh air an doca thioram, a tha am measg an fheadhainn as motha san Roinn Eòrpa, ach nach deach a chleachdadh ann an còrr is 20 bliadhna. Tha dòchas ann gum faigh an gàradh obair a' cur chlàran-ola às a chèile.