95% nas lugha do chumhachd ath-nuadhachail

Crann-gaoithe

Tha na thèid a chosg air bun-structair cumhachd ath-nuadhachail ann am Breatainn anns na trì bliadhna a tha romhainn a' dol a thuiteam gu h-uabhasach, a rèir na buidhne-beachdachaidh An Caidreachas Uaine.

An dèidh analais a dhèanamh air tuairmsean oifigeil Riaghaltas na Rìoghachad Aonaichte air pròiseactan bun-structair, tha an Caidreachas a' dèanamh dheth gun tuit cosg air cumhachd ath-nuadhachail timcheall air 95%.

'S e buidheann-bheachdachaidh neo-eiseimeileach, stèidhichte mar chathrannas, a tha anns a' Chaidreachas, agus bidh e an sàs ann an rannsachaidhean proifeiseanta an co-bhuinn ri buidhnean de gach seòrsa - companaidhean prìobhaiteach, buidhnean àrainneachd agus buidhnean poblach neo-riaghaltais.

Rinn iad sgrùdadh mionaideach air na tuairmsean oifigeil a dh'fhoillsich an Riaghaltas o chionn ghoirid air na pròiseactan mòra bun-structair - poblach agus prìobhaiteach - ris a bheil dùil eadar 2017 agus 2020 ann am farsaingeachd raointean, eadar sgoiltean, dìon na dùthcha, rathaidean, cumhachd is eile.

Ged a tha cuid de na tuairmsean a' buntainn ri Sasainn a-mhàin tha pròiseactan ann an Alba cuideachd, leithid grunn thuathan-gaoithe agus pròiseactan ath-nuadhachail eile.

Ach tha an Caidreachas ag ràdh gun tèid airgead in-sheilbh airson pròiseactan mòra ath-nuadhachail sìos 95% thairis air na trì bliadhna sin, ann an cumhachd gaoithe, grèine agus biomass.

Tha iad a' cur na coire air mar a gheàrr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte grunn shubsadaidhean airson cumhachd ath-nuadhachail o chionn ghoirid.

A rèir a' Chaidreachais tha e mar gum biodh leasachadh cumhachd ath-nuadhachail ann am Breatainn a' dlùthchadh air "oir na creige" agus cunnart gun tuit e leatha.

"Feumaidh sinn oir na creige tha seo a sheachnadh ma tha an Rìoghachd Aonaichte a' dol a choileanadh a buidseatan càrboin agus na gheall iad tro aonta Pharis," thuirt an Caidreachas Uaine nan cuid analais.

Chuir a' bhuidheann a tha a' riochdachadh gnìomhachas cumhachd na gaoithe, RenewableUK, taic ri beachd a' Chaidreachais, 's iad ag ràdh gum feum an Riaghaltas misneachd a thoirt air ais dhan ghnìomhachas.