Cead marbhaidh aig freiceadain Faslainn an 1988

HMS Repulse, bàt-aigeann Polaris Image copyright VT Freeze Frame
Image caption Chaidh briseadh a-steach air HMS Repulse a bh' aig an ionad air Chluaidh.

Tha pàipearan dìomhair a chaidh fhosgladh airson a' chiad turais air nochdadh gun deach cead a thoirt do fhreiceadain aig ionad niuclasach Faslann air Chluaidh luchd-iomairt, no duine sam bith eile, a bhiodh nan cunnart, a mharbhadh.

Thachair seo às dèidh do thriùir luchd-iomairt briseadh a-steach a dh'ionad a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslann ann an 1988.

Chaidh aca air faighinn dhan t-seòmar stiùiridh de bhàta-aigeann niuclasach Polaris, mus deach an cur an grèim.

Image copyright National Archives
Image caption Rinn Mairead Thatcher dubh-chàineadh air ceannardan dìon "Tha mi air m' uabhasachadh gu tur! Tha eisimpleirean de leibideachd a thaobh ghnothaichean cudromach a' sìor thighinn am follais."

Chaidh rannsachadh iarraidh leis a' Phrìomhaire a bh' ann, Mairead Thatcher, a rinn dubh-chàineadh air ceannardan an dìon.

Bha an triùir luchd-iomairt air am faighinn neo-chiontach air adhbharan teicnigeach airson na rinn iad.