Cèilidh na Bliadhn' Ùire

Tony Kearney agus Cathy NicDhòmhnaill
Image caption 'S ann à Caisteal Shruighlea a thig Cèilidh na Bliadhn' Ùire am-bliadhna.

'S ann à Caisteal Shruighlea a bhios Cèilidh na Bliadhn' Ùire air BBC ALBA a' tighinn am-bliadhna.

'S iad na craolaidairean Cathy NicDhòmhnaill agus Tony Kearney a bhios os cionn chùisean le Julie Fowlis a' stiùireadh prìomh chòmhlan na cèilidh.

Cluinnear cuideachd an seinneadair ainmeil Fiona Cheanadach am measg grunn luchd-ciùil eile.

Bidh a' chèilidh a' dol eadar 11:30f air oidhche Challainn gu 01:15m air Là na Bliadhn' Ùire agus bidh i cuideachd ri cluinntinnn air BBC Radio nan Gàidheal agus ri faicinnn air feadh an t-saoghail air an làraich-lìn aig www.bbc.co.uk/alba.

Timcheall a' BhBC