Lùghdachadh ann am prothaidean Ghlobal Energy

Sheall cunntasan bliadhnail na buidhne cumhachd Global Energy Group gun do lùghdaich na prothaidean aca anns a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh.

Rinn a' chompanaidh prothaid, ro chìsean, de £3.1m anns a' bhliadhna suas gu deireadh a' Mhàirt 2016 - an taca ri prothaid de £14.2m air a' bhliadhna roimhe.

'S ann leotha-san a tha Pàirce Chumhachd Bhàgh an Eige air taobh sear Rois.

Thuirt iad gu robh cùisean air a bhith deuchainneach am bliadhna, 's an crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola a' toirt buaidh orra.

Thàinig lùghdachadh cuideachd air àireamh luchd-obrach na companaidh thar na bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile