Fios a bharrachd ga iarraidh mu phlana NHS

Togail-fianais

Chaidh tuilleadh fiosrachaidh iarraidh bho Rùnaire na Slàinte agus Seirbheis nan Carbad-Eiridinn mu phlana airson cruth eile a thoirt air seirbheisean slàinte do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus taobh an Iar Dheas Rois.

Tha NHS na Gàidhealtachd an dùil ospadal ùr dhan sgìre a thogail san Àth Leathann.

Bhiodh ionad meidigeach ann am Port Rìgh.

Tha dragh air luchd-iomairt sa bhuidhinn SOS NHS gum fulang seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein ma thèid am plana air adhart.

Tha ceistean orra cuideachd mun cho-chomhairle a rinn NHS na Gàidhealtachd.

Chaidh ath-chuinge le 4,500 ainm air a chur air beulaibh Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba roimhe.

Bheachdaich a' chomataidh às ùr air a' ghnothach Diardaoin, is freagairtean air tighinn bho Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, is Seirbheis nan Carbad-Eiridinn.

Dh'aontaich a' chomataidh air a' cheann thall sgrìobhadh a-rithist gu Shona Robison.

Iarraidh iad freagairt bhuaipe air beachd a thàinig bhon Ollamh Raghnall Dòmhnallach mu phlanaichean NHS na Gàidhealtachd.

Cuiridh iad litir eile cuideachd gu Seirbheis nan Carbad-Eiridinn.

Tha dùil ri co-dhùnadh bhon chomataidh air an ath-chuinge sa bhliadhna ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile