Taic charthannas Leòdhsach do shreapadairean Afganach

Tè-sreap Afganach Image copyright Linda Norgrove Foundation
Image caption Tha Bunait Linda Norgrove a' toirt taic do Ascend, pròiseact a tha a' toirt taic do bhoireanaich sreap-beinne ionnsachadh.

Tha carthannas a chaidh a chur air chois mar chuimhne air tè à Leòdhas a chaill a beatha ann an Afganastan a' toirt taic do bhoireannaich san dùthaich sin sreap-beinne ionnsachadh.

Bha Linda Norgrove air a bhith ag obair le buidheann cobhair nuair a chaidh a toirt am bruid ann an 2010.

Chaochail i nuair a dh' fheuch feachdan Ameiriganach ri a saoradh bhon Taliban.

Tha Bunait Linda Norgrove, a stèidhich a pàrantan, a' leantainn leis an obair anns an robh i fhèin an sàs.

A-niste tha am bunait a' toirt taic do Ascend, pròiseact a tha a' teagaisg sgilean sreapadaireachd do bhoireannaich òga ann an Afganastan.

Image copyright Linda Norgrove Foundation
Image caption Linda Norgrove agus a pàrantan a' sreap ann an Uganda

An-uiridh thug Ascend taic do 13 bhoireannach trì beanntan a shreap a bha os cionn 16,000 troigh.

Thug iad fiù 's ainm do dh' aon bheann air nach robh ainm roimhe.

Cuideachd, leis nach robh brògan sreap gu leòr aca, chaidh na boireannaich suas ann an dà bhuidheann, le aon bhuidheann a' faighinn nam brogan an toiseach mus tug iad dhan fheadhainn eile iad.

Thuirt màthair Linda, Lorna Norgrove, gu bheil iad air am misneachadh leis an obair a tha a' phròiseact Ascend a' dèanamh agus gu bheil e a' toirt barrachd chumhachd do bhoireannaich òga.

Thuirt i cuideachd gun robh i den bheachd gum biodh Linda air a bhith gu math dèidheil air a' phròiseact.