Coinneamh mu bhuaidh Brexit

Drochaid Scalpaigh Image copyright Rude Health/Geograph
Image caption Thairis air an 20 bliadhna mu dheireadh, tha iomadach pròiseact air airgead Eòrpach a chur gu feum - drochaidean is cabhsairean ùra nam measg.

Thèid coinneimh a chumail an ath-mhìos ann an oidhirp dèanamh cinnteach nach caill a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan a-mach air taic-airgid nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Àonadh Eòrpach.

Dh' aontaich Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, coinneachadh ri riochdairean comhairle airson buaidh Brexit a dheasbad.

Chaidh na milleanan de notaichean bhon Roinn Eòrpa a chur a sàs ann am pròiseactan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean thar nam bliadhnaichean.

Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Àonaichte nach atharraich an ìre de thaic-airgid às deidh do Bhreatainn an AE fhàgail.

Tha ceistean fhathast air comhairlean na sgìre ge-tà mu dè dìreach a bhios Brexit a ciallachadh dhan sgìre.

Airgead Eòrpach

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil e follaiseach nach deach fiùs togail air a chuspair a tha seo aig ìre àrd sam bith ann an Dun Èideann no ann an Lunainn chun a-dràsda.

Thuirt Mgr Caimbeul cuideachd ged a tha e taingeal airson a choinneamh le Mgr Mundell, dh' aidich e nach robh e misneachail 's e ag radh gum bi na h-uidhear de dh'fharpais am measg roinnean eile às deidh Brexit.

Tha dùil gum bi riochdairean na sgìre a sireadh ghealltanasan bho Riaghaltasan Westminster agus Holyrood gun tèid prògramman roinneal a chur a sàs coltach ris an fheadhainn a bh' air a phaigheadh le airgead Eòrpach.