Coimisean ùr an Fhearainn air coinneachadh

Asainnte

Choinnich Coimisean ùr an Fhearainn ann an Inbhir Nis Dimàirt airson a' chiad uair bho chaidh a stèidheachadh.

Chaidh an Coimisean a chruthachadh mar phàirt de reachdas ùr fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2016.

Tòisichidh an obair aca gu h-oifigeil anns a' Ghiblean 2017.

An dèidh na coinneimh, thuirt iad gun robh iad ag iarraidh cluinntinn bhon a h-uile duine mu na beachdan aca air ath-leasachadh fearainn.

Thuirt an Coimisean cuideachd gun robhar airson sluagh nam bailtean a bhrosnachadh gus beachdan a thoirt seachad a cheart cho math ri daoine a tha fuireach air an dùthaich.

Bidh dleastanas air a' Choimisean sgrùdadh a dhèanamh air an lagh agus air poileasaidhean agus molaidhean a chur air beulaibh Riaghaltas na h-Alba.

Tha còignear choimiseanairean fearainn agus aon choimiseanair do thuathanaich màil air a' Choimisean.

Bidh an Coimisean stèidhichte ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, agus tha dùil gum bi mu 20 dreuchd an cois obair na buidhne.

"A h-uile coimhearsnachd"

Thuirt aon de na coimiseanairean, an Dr. Sally Reynolds, gu bheil an Coimisean ag obair airson a h-uile coimhearsnachd air feadh Alba - an dà chuid anns na h-eileanan agus anns na bailtean.

Thuirt an Dr. Reynolds gu bheil tòrr cheistean ann fhathast a thaobh mar a bhios an Coimisean ag obair còmhla ri buidhnean eile.

Tha dùil gum bi an Coimisean a' coinneachadh a h-uile mìos gus an tòisich an obair cheart an ath-bhliadhna.