Càineadh mu chùis dhrabastachd

Maighstir Denis Chrysostom Alexander
Image caption Tha Maighstir Denis Chrysostom Alexander a' dol às àicheadh nan casaidean.

Chaidh càineadh a dhèanamh air Oifis a' Chrùin airson an dòigh sa bheil iad a' làimhseachadh cùis seann mhanaich Chaitligich a th' aig teis-meadhain chasaidean de dhrabastachd chloinne aig sgoil Abaid Chille Chuimein air a' Ghàidhealtachd.

Tha trì bliadhna gu leth bho nochd na casaidean, agus bho chionn bliadhna dh'fhoillsich an Crùn planaichean gus an sagart Astràilianach Maighstir Denis Alexander, 80, a thoirt air ais a Bhreatainn.

Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean.

Ach thuirt esan nach robh càil a dh'fhios aigesan gun robh planaichean sam bith ann a thoirt air ais a Bhreatainn.

Tha ùghdarrasan Astràilia a-nise a' làimhseachadh na cùise.

Thuirt Oifis a' Chrùin nach b' urrainn dhaibh bruidhinn air cùis laghail sam bith ann an dùthaich eile, ach gun robh iad a' dèanamh na b' urrainn dhaibh airson fireannach, aois 80 bliadhna, a thoirt air ais a Bhreatainn à Astràilia.