Ievoli Black a' tighinn gu tuath

MV Ievoli Black Image copyright MCA

Chaidh cùmhnant ùr aontachadh le companaidh às an Òlainnd airson seirbheis bhàta-slaodaidh a ruith ann an Ceann a Tuath na h-Alba.

Bidh an Ievoli Black a' tòiseachadh na h-obrach aig deireadh na mìos leis a' chumnant a' maireachdainn còig bliadhna.

Thèid an Ievoli Black, a tha leis a' chompanaidh Ardent Maritime Netherlands BV, an àite a' bhàta-slaodaidh Herakles a th' ann an ceann a tuath na h-Alba an-dràsta.

Bidh am bàta-slaodaidh stèidhichte ann an Arcaidh, is Seirbheis nam Maor-Cladaich ag ràdh gun cuir am bàta ùr dìon air a' chladach a tuath agus san iar-thuath de dh'Alba.

Tha am bàta 70m de dh'fhaid, is cuideam còrr air 2,200 tonna innte.

Chuireadh 22 thairgse ann airson a' chùmnant, a mhaireas gu 2022 agus a th' air a mhaoineachadh le Riaghaltas Bhreatainn.

Tha iomairt air a bhith a' leantainn fad bhliadhnaichean airson bàta-slaodaidh a chumail sa cheann a tuath, agus tèile fhaighinn a bhiodh stèidhichte air a' chosta an iar.