Binn air fear a thug daoine am bruid

Image copyright Rob Farrow
Image caption Chaidh binn a thoirt air Jack Quigley ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis.

Chaidh binn prìosan trì bliadhna a chur air fear à Lìte às dèidh dha sianar a thoirt am bruid agus ionnsaigh a thoirt orra ann an ostail air a' Chomraich.

Bha Jack Quigley fichead bliadhna a dh'aois, nuair a bha e ag obair aig ostail Hartfield House.

Bha e air cùmhnant leis a' bhuidhean chathranais Venture Trust a bhitheas a' cuideachadh dhaoine òga a tha an dèidh 's a bhith sa phrìosan no ri eucoir.

Dà sgian

Bha e a' dèanamh glè mhath san obair aige, ach an uairsin chaidh innse dhà gun robh a' chùmhnant a' tighinn gu crìoch nas tràithe na bha dùil leis nach robh ionmhas gu leòr aig a' bhuidhean chathranais son a phaigheadh.

Cha robh e toilichte leis an seo, agus ghabh e an caothach.

Thòisich e ag òl, agus thìll e dhan ostail le dà sgian.

Thug e dithis mhanaidsear, Henry Robasdan agus Màiri NicCuis am bruid.

Ionnsaigh

Thug e ionnsaigh orra, agus bha e a' caitheamh pìosan àirnis timcheil an rùm.

Dh'fhàg e an sin iad agus thòisich e a' maoigheadh air ceathrar aoighean a bha fuireach san ostail 's bha eagal am beatha orra.

Ràinig na polais agus thug iad na sgeinnean bhuaithe' 's chaidh a chur an greim.

Thuirt àrd-oifigear a Venture Trust, Amelia Morgan, gun robh i fior dhuilich mu mar a thachair 's dh'aidich i nach deach measadh ceart a dhèanamh air Jack Quigley feuch an robh e freagarach son an t-seorsa obrach seo.

Thuirt i gum biodh iad a' toirt taic dhà fhad's a tha e sa phrìosan.