A' sgrùdadh a' phlana

Cha mhòr sia mìosan on reifreann air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach tha Nicola Sturgeon air a' phlana aicese a chur am follais.

(Chaidh a càineadh leis an Oifigear Riaghladh, Ken Mac an Tòisich, airson an naidheachd a thoirt seachad air beulaibh nan camara aig Taigh a' Bhòid seach anns a' Phàrlamaid fhèin, a thug air Ms Sturgeon fhèin tighinn don t-Seòmar an àite Mhìcheil Ruiseil).

Seo am plana a gheall i às dèidh mar a dh'ionnsaich sinn uile gun do bhòt an Rìoghachd Aonaichte airson an EU fhàgail, ged a bhòt mòrchuid ann an Alba airson fuireach.

On uair sin, tha cainnt a' phrìomh mhinisteir ar atharrachadh.

An àite bruidhinn mu ghlèidheadh àite na h-Alba anns an Aonadh Eòrpach fhèin, tha Ms Sturgeon air a bhith a' cur cuideam air a' mhargaid singilte.

Tha pàipear an latha an-diugh a' mìneachadh ciamar a ghabhadh sin dèanamh bho thaobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Smachd

Tha am prìomh mhinistear ag ràdh gum b' fheàrr leatha nam fuiricheadh an Rìoghachd Aonaichte gu lèir anns a' margaid singilte.

Ach na beachd fhèin, cha choltach gur e sin a thachras a-nis.

Mar sin, ma dh'fhàgas an Rìoghachd Aonaichte a' mhargaid singilte, tha Ms Sturgeon a' sireadh taic bho Riaghaltas Westminster gus Alba a chumail mar phàirt dhith tro bhallrachd EFTA, Comunn Saor-Mhalairt na h-Eòrpa - sin dùthchanan an Aonaidh Eòrpaich a bharrachd air an Nirribhidh, an Eilbhis agus Lichtenstein.

Ach gus cothrom a thoirt do dh'Alba riaghailtean na margaid singilte a choilionadh, dh'fheumadh Alba barrachd cumhachdan fhaighinn bho Westminster.

Nam measg, tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gum faigh Holyrood smachd air laghan fastaidh agus in-imreachd.

(Sin a bharrachd air cumhachd iasgaireachd agus àiteachais nach eil glèidhte do Westminster fo Achd na h-Alba ach a bha fo smachd na h-Eòrpa thuige seo).

Sìmplidh

Ach an gabh a dhèanamh?

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol as àidhcheadh gu feumadh "crìoch chruaidh" a bhith ann eadar Alba agus Sasainn nam biodh aon phàirt den Rìoghachd anns a' mhargaid singilte agus tè eile aiste.

Anns an t-Seòmar an-diugh rinn am prìomh mhinistear iomradh air Èirinn far a bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh nach feum crìoch chruaidh a bhith ann eadar Doire agus Dún na nGall, ged a bhios a' Phoblachd fhathast anns an Aonadh Eòrpach às dèidh Brexit.

Do na dùbhlanaich aig Holyrood, chan eil cùisean cho sìmplidh.

Thuirt na Tòraidhean agus na Làbaraich an-diugh gun robh saor-mhalairt leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte na bu luachmhoire na margaid singilte na h-Eòrpa agus gum bu chòir sin a dhìon.

Ach, uair eile, chan e ceist laghal ach ceist phoileataigeach a tha seo.

Teagmhach

Bhiodh taic Riaghaltas Wesminster a dhìth gus am plana seo a chur an gnìomh, agus an-diugh tha iad ag ràdh gu bheil iad deònach a sgrùdadh.

Ach thàinig rabhadh bho Theresa May gur dòcha nach biodh cuid de na molaidhean "practaigeach".

Dh'ionnsaich sinn bho chuairt Philip Hammond gu Dùn Èideann bho chionn goirid bheil ministearan aig Whitehall teagmhach gun gabh aonta sònraichte a ruighinn do dh'Alba, gu sònraichte air ceist na h-in-imreachd.

Tha Nicola Sturgeon ag ràdh uair eile gu faodadh reifreann eile air neo-eisimeileachd a bhith air fàire mura h-eil Westminster deònach gabhail ris na tha iad a' moladh.

Anns na beagan mhìosan de chòmhradh mus tèid Artagail 50 a chur an gnìomh, bidh Ms Sturgeon agus Mrs May a' cumail sùil ghear air na cunntasan-bheachd.

Bidh agus sinne - ach gu ruige a' bhliadhna ùr, Nollaig Chrìdheil dhuibh uile.