Dà chompanaidh turasachd a' cur an cùl ris an Eilean

MV Coir' Uisg'

Tha dà chompanaidh siubhail air leigeil fhaicinn nach bi iad a' dol dhan Eilean Sgitheanach an ath-bhliadhna agus iad ag ràdh gur e cho mì-chinnteach 's tha an t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal as coireach.

Thàinig dearbhadh air sin bho BhPA na sgìre, Ceit Fhorbeis, ach tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gur fhada bho thug iadsan rabhadh dhan Riaghaltas agus do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn gun tachradh sin.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag iarraidh gun tèid am bàt-aiseig a chaidh a dhealbhachadh airson slighe na Linne Slèitich, an MV Coir' Uisg', a thilleadh chun na slighe.

Chaidh am bàta a thoirt air falbh 's a chur a Mhuile an-uiridh, le measgachadh de shoithichean a' gabhail a h-àite.

Chan eil sin air an Fhòram a riarachadh, 's iad ag ràdh nach eil an t-seirbheis coileanta no earbsach ri linn.

"Chan eil e a' cur iongnadh sam bith oirnn gu bheil na companaidhean a tha sin a' dol a tharraing às," thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Bha sinn a' faighinn beachd air sin aig deireadh an t-Samhraidh a chaidh.

"Bha daoine uabhasach mì-riaraichte le cho truagh 's a bha an t-seirbheis, cho mì-chinnteach 's a bha i.

"Agus tha sinne air a dhèanamh gu math follaiseach do Riaghaltas na h-Alba 's do Chal Mac, uair is uair, agus cha do dh'èist iad ri facal a bha sinn ag ràdh," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gu bheil iad a' còmhradh tric ri companaidhean siubhail mun ath-bhliadhna, is gu bheil iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh airson sealltainn dhaibh gum bi an clàr-ama a' freagairt air draghan sam bith a th' orra.

Thuirt Cal Mac gu bheil na h-àireamhan a tha air àite a chur air dòigh 'son choidseachan an ath-bhliadhna mar thà falain, is gun tèid an clàr-ama fhoillseachadh cho luath 's a thèid aontachadh.