Taic cheart a dhìth air fògarraich

Ceann Loch Mòr Image copyright Malc McDonald/Geograph

Tha muinntir Chinn Loch Lìobhainn air innse do dh'oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil e deatamach gun toir iad taic cheart do bhuidhinn de dh'fhògarraich à Siria gus an cuideachadh a bhith nam pàirt den choimhearsnachd.

Aig coinneimh phoblaich oidhche Luain, aig an robh còrr is 100 duine an làthair, chaidh dragh a thogail mu phlanaichean gus ceithir teaghlaichean Siaranach a shuidheachadh anns a' bhaile ann an Loch Abar goirid às dèidh na Bliadhna Ùire.

Tha dragh air cuid gun cuir na teaghlaichean uallach air na seibrheisean slàinte is foghlaim, agus gun toir iad cosnaidhean bho mhuinntir an àite.

Mhìnich oifigich bho Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte, bhon Chomhairle agus bho na Poilis na planaichean a bh' ann agus an taic a bhiodh ri fhaotainn.

Dragh

Ach bha cuid de mhuinntir an àite ag ràdh gur e glè bheag de thaic a fhuair a' choimhearsnachd nuair a chuir Comhairle na Gàidhealtachd daoine dhan bhaile roimhe.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd air daoine nach robh buileach ceart a chur a dh'fhuireach sa bhaile roimhe," thuirt Iain Fyfe, a rugadh 's a thogadh an Ceann Loch Lìobhainn.

"Chan e coigrich a tha mi a' ciallachadh, ach daoine bho thaobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte fhèin.

"Cha d' fhuair sinn mòran taic.

"Tha mi dìreach an dòchas gum faigh sinn an taic uile a chaidh a ghealltainn dhuinn.

"Le sin, bidh mi toilichte na daoine seo fhaicinn.

"'S e an dragh eil a th' orm, nach eil obraichean againn ann an Ceann Loch Lìobhainn an-dràsta," thuirt e.

Airgead

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach toir an suidheachadh buaidh air buidseat neo goireasan an ùghdarrais.

"Tuigidh mi, 's dòcha gum bi daoine nach bi iad uabhasach cinnteach," thuirt Norma Young, bho Roinn an Fhoghlaim aig a' Chomhairle.

"Ach sin agad an obair agamsa, agus an obair aig a h-uile duine timcheall air a' bhòrd a-nochd, a dhèanamh cinnteach gum bi fiosrachadh aig a' phoball agus aig a' choimhearsnachd, airson nach leig a leas feagal sam bith a bhith orra mu dheidhinn nan daoine a tha a' dol a ghluasad a-steach dhan sgìre.

"Chan eil e a' tighinn a-mach às an airgead a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cosg air foghlam.

"Tha an t-airgead a tha seo a' tighinn bhon Riaghaltas, agus tha sinn a' faighinn an airgid a tha sin thairis air còig bliadhna.

"Tha sinn an dùil gum bi gu leòr ann airson ge b' e dè tha a dhìth oirnn airson taic a thoirt seachad," thuirt i.

Tha dùil gun tig na teaghlaichean chun a' bhaile as t-Earrach seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo