Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aleppo

Thòisich iomairt às ùr gus Sirianaich a thoirt a-mach à sgìrean far a bheil feachdan an Riaghaltais agus buidhnean reubaltach air a bhith an ugannan a chèile. Tha e air aithris gun deach na ceudan a thoirt a-mach à Aleppo an Ear agus gu bheil iad a-nist' a' faighinn biadh agus cobhair meidigeach. Bhòtaidh Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte an-diugh fhathast air rùn a chuireas taic ri mar a tha bailtean Sirianach gam falamhachadh.

Tubaist rathaid

Chaidh boireannach aosta agus a cù a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Inbhir Àir. Thachair an tubaist goirid ro chòig uairean feasgar an-dè, nuair a chaidh an leagail le carbad BMW air Rathad Holmston sa bhaile. Chaidh am boireannach, a bha 97 bliadhna de dh'aois, a thoirt gu ospadal Crosshouse ann an Cille Mhearnaig far an do chaochail i. Dh'iarr Poilis Alba air neach sam bith a chunnaic dè thachair fios a leigeil thuca.

Amazon

Thuirt Rùnaire Eaconamaidh na h-Alba gur e companaidh bheairteach a th' ann an Amazon, agus gum bu chòir dhaibh pàirt den bheairteas sin a roinn le obraichean Albannach aca. Bruidhnidh Keith Brown le ceannardan Amazon an-diugh mu chleachdaidhean obrach san stòr-bhathair aca ann am Fìobha. Tha dùil cuideachd gun coinnich e ris an luchd-obrach nuair a thadhaileas e air an ionad ann an Dùn Phàrlain.

Loch Abar

Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 600 obraichean ùra a chruthachadh ann an Loch Abar, agus £120m gu bhith air a thasgadh ann an leaghadair aluminium a' Ghearasdain. Tha seo a' leantainn air an naidheachd a thàinig a-mach air a' mhìos a chaidh gun robh Liberty House agus Simec air aonta luach £330m a dhèanamh le Rio Tinto airson an t-ionad a ghabhail thairis.

Brexit

Iarraidh Riaghaltas na h-Alba sreath de chumhachdan ùra mar phàirt de na molaidhean a dh'fhoillsicheas iad a-màireach a thaobh Brexit. Am measg eile bidh an Riaghaltas aig Nicola Sturgeon ag iarraidh cumhachd airson còmhraidhean fa leth a chumail leis an EU mu Alba a bhith a' fuireach sa mhargaidh shingilte, ma cho-dhùineas an Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad airson tarraing a-mach. Bidh ministearan Albannach cuideachd ag iarraidh gun tèid cumhachdan tiomnaichte, a tha an-dràsta gan roinn leis an EU, a thoirt do Phàrlamaid Holyrood.

An t-Òban

Tha iomairt a' leantainn ann an Earra-Ghàidheal airson lorg fhaighinn air boireannach a chaidh a dhìth anns an Òban às dèidh dhi a dhol a-mach air cuairt le a cù. Chaidh Crystalla Dean fhaicinn mu dheireadh feasgar Diardaoin aig 8:00f. Tha sgioba teasairginn nam beann, maoir-chladaich, agus bàta-teasairginn an Òbain uile air a bhith an sàs anns an iomairt, ach gu ruige seo cha d' fhuaras sgeul oirre.