Maoineachadh do Thaigh-Tasgaidh Gheàrrloch
- Air fhoillseachadh

Tha Taigh-Tasgaidh Gheàrrloch a' dèanamh gàirdeachais is dearbhadh aca air cha mhòr £750,000 bho Mhaoin Dhualchais a' Channchuir Nàiseanta.
Thèid an t-airgead a chleachdadh gus sgeadachadh a dhèanamh air seann togalach bho àm a' Chogaidh Fhuair a bhios na dhachaigh ùr dhaibh.
Tha feum air togalach ùr is an taigh-tasgaidh a' fàgail an àite a th' aca an-dràsta.
Tha Alice NicCoinnich, tha air bòrd-stiùiridh an taigh-tasgaidh, ag ràdh gun dèan an togalach ùr diofar mòr.
"Tha mòra rumannan ann airson taisbeanaidhean, agus airson an tasglainn, tha sin gu math cudromach," thuirt i.
"Tha an t-uabhas stuth ann. Bidh e nas fhasa dha feadhainn rudan fhaicinn.
"Bidh rumannan ann airson a bhith a' coimhead tro na rudan mar sin, agus bidh rumannan ann airson airson cleachdadh airson foghlaim, agus 's dòcha rudan a dhèanamh còmhla ri Oilthigh na Gàidhealtachd no dìreach diofar rudan nach urrainn dhuinn a dhèanamh an-dràsta airson chan eil an rùm againn."