Clach-mhìle do Heileacoptair Teasairginn Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh
Tha heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh a-niste air 500 gairm a fhreagairt bho ghabh Bristow Helicopters Earranta uallach airson na seirbheis san Iuchar 2013.
Tha a' chompanaidh ag obair às leth Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA).
Bha Bristow a' ruith na seirbheis ann an Leòdhas roimhe eadar 1983 agus 2007.
Thuirt an t-àrd-phìleat aig an ionad ann an Steòrnabhagh, An Caiptein Ben Clarke, gur e urram mòr a th' ann crìoch a chur air 500 iomairt thar an trì bliadhna mu dheireadh.
"Pròiseil"
"Tha sinn a' tuigsinn an t-uallach a th' oirnn nar dreuchd beatha dhaoine a shàbhalachadh agus tha sinn gu math pròiseil às an t-seirbheis a tha sinn a' tabhainn," thuirt e.
"Tha 30 neach ag obair san ionad ann an Steòrnabhagh le pìleatan, criutha teicnigeach, luchd-einnsinìridh agus luchd taic nam measg.
"Cha bhiodh na h-iomairtean anns a bheil sinn an sàs comasach às àonais na sgioba gu lèir.
"Tha sinn a' coimhead air adhart ri taic a chumail ri mhuinntir iar-thuath na h-Alba sna bliadhnaichean a tha romhainn."