£1m do Chnoc Soilleir bho Riaghaltas na h-Alba

Ceòlas

Tha muinntir Uibhist a' dèanamh gàirdeachais ris an naidheachd gum faigh pròiseict a tha ag amas air ionad cultarail a stèidheachadh £1m bho Riaghaltas na h-Alba.

'S iad Ceòlas agus Colaiste a' Chaisteil a th' air cùlaibh a' phròiseict, fon ainm Cnoc Soilleir.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar Diciadain gun robh iadsan cuideachd a' cur taic ris an sgeama.

"'S e naidheachd mhath dha-rìribh a tha seo. Cha b' urrainn e a bhith na b' fheàrr," thuirt Mairi NicAonghais bho Cheòlas.

Amasan

"Gu bheil an Riaghaltas air tighinn a-staigh cho cinnteach air cùlaibh a' phròiseict a tha seo agus air £1m a thairgsinn dhuinn.

"Tha e a' sealltainn gu bheil e a' ceangal a-staigh gu mòr ris na h-amasan acasan, gu seachd-àraid gu bheil iad a' coimhead air cho feumail 's a tha coimhearsnachd ann an àite dùthchail, agus eilean Uibhist a Deas, cho cudromach 's a tha sin a thaobh na Gàidhlig, a thaobh na h-obrach a tha sinn a' dèanamh, agus gu seachd-àraid mar a tha sinn air ceangal a dhèanamh le Colaiste a' Chaisteil, agus gur e dòigh-obrach ùr a tha seo.

"Buidheann fhoirmeil mar a tha a' cholaiste, agus buidheann coimhearsnachd mar a tha Ceòlas, a' tighinn air adhart ann an coimhearsnachd na Gàidhlig airson maitheas na dùthcha gu lèir.

"Agus 's e dìreach àm fìor-mhath agus gu sònraichte "exciting" a th' ann.

"Tha an ùine caran teann airson an t-airgead seo a chosg, ach tha sinn air a bhith ag obair gu math trang bho chionn ghrunn mhìosan agus a' coimhead air na h-amannan agus na clàran-ama a th' air a bhith againn.

"Thèid an t-airgead seo a chosg air dealbhachadh agus a bhith a' faighinn luchd-dealbhachaidh, agus air coimhead cuideachd air deisealachadh na talmhainn.

"Tha sinn air còmhraidhean math, agus adhartas mòr againn air a dhèanamh le Stòras Uibhist a thaobh na làraich a thagh sinn.

"Bidh cosgaisean a thaobh fir-lagha, a thaobh phroifeiseantach eile, agus tha fhios againn càite a bheil am £1m uile a' dol, 's bidh e cosgte taobh a-staigh beagan mhìosan," thuirt i.

Dà Leth

Tha am pròiseact fhathast a' sireadh taic-airgid, agus tha na buidhnean a tha an sàs an dòchas gum brosnaich an t-airgead a fhuair iad bhon Riaghaltas buidhnean eile taic a thoirt dhaibh.

"Tha am pròiseact againn air a chur air leth na dhà phìos mar gum biodh," thuirt a' Bh-Ph. NicAonghais.

"Tha a' chiad ìre gar toirt gus am bi dealbh againn den togalach, gum bi a h-uile sian deiseil, agus an uair sin gum bi an dàrna fèas, mar gun canadh tu, ann airson an togalach a thogail.

"Tha sinn a' sùileachadh, ma leanas a h-uile sian mar is còir, gum bi e a' fosgladh ann an 2019.

"Tha a' chiad phìos a' dol a mhaireachdainn bliadhna, ach tha sinn air a bhith ag obrachadh leis na buidhnean - an Riaghaltas fhèin, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail - an fheadhainn a bhios an lùib leasachaidh anns an t-seòrsa rud anns a bheil sinne co-dhiù.

"'S tha feadhainn eile a-muigh an sin cuideachd 's tha sinn gu bhith a' togail cheanglaichean.

"Ach, thuige seo tha sinn air còmhraidhean gu math foirmeil a ghabhail le feadhainn de na buidhnean sin, agus tha fhios acasan dè an dùil a th' againn bhuapa.

"Tha cuideachd aig Ceòlas fhèin ri co-dhiù £250,000 a thogail. Ach a bharrachd air sin tha an t-uallach air Colaiste a' Chaisteil £3m a tharraing a-staigh bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba.

"Mar sin tha co-obrachadh a' dol eadar iomadach buidheann, ach Ceòlas a tha a' stiùireadh a' phròiseict, tha oifigear againn agus am bòrd againn fhìn, agus tha sinne dìreach ann an teis-meadhain cumail a h-uile duine air an dòigh agus gan toirt leinn aig an aon àm airson dìreach gu bheil na h-amasan uile air an coileanadh."