Rabhadh dhrogaichean an sgoiltean Inbhir Nis

Cocaine ga ghabhail Image copyright PA

Tha ceannardan àrd-sgoiltean ann an Inbhir Nis agus Inbhir Narann air sgrìobhadh gu pàrantan agus luchd-cùraim, a' toirt rabhaidh dhaibh mu àrdachadh anns na tha de sgoilearan a tha a' gabhail dhrogaichean.

Tha na ceannardan ag ràdh gu bheil fianais ann gu bheil barrachd òganach a' cleachdadh agus a' reic stuthan toirmisgte, agus nach eil iad a' faicinn dad neo-àbhaisteach mu dheidhinn sin.

Anns an litir tha na ceannardan sgoile agus Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' faighinn barrachd is barrachd fhiosrachaidh mu dhrogaichean ann an sgoiltean ann an sgìre Inbhir Nis agus air feadh na Gàidhealtachd.

Tha iad ag ràdh gur coltach gu bheil drogaichean a' fàs nas cumanta, agus gu bheil feadhainn nach robh roimhne seo air am faicinn mar thrioblaid am measg òigridh a-niste furasta rim faighinn.

Nam beachd-san tha an fhianais a' sealltainn gu bheil barrachd sgoilearan deònach a bhith a' dol an sàs ann an cleachdaidhean cunnartach, agus bho aoisean nas òige.

Tha na ceannardan sgoile agus na Poilis ag ràdh gu bheil iad ag obrachadh còmhla airson daoine òga, sgoiltean agus coimhearsnachdan a chumail sàbhailte, agus tha iad ag iarraidh air pàrantan agus luchd-cùraim tighinn air adhart ma tha draghan neo fiosrachadh aca mu dhrogaichean sna sgìrean aca.