Rabhadh mu reic chumhachd ath-nuadhachail

Crann-gaoithe

Chaidh rabhadh a thoirt gum feum na h-eileanan agus ceann a tuath na h-Alba tòiseachadh a' coimhead ri cumhachd ath-nuadhachail a reic a-null dhan Roinn Eòrpa tro chàball a Nirribhidh ma tha sinn a' dol a dh'fhaighinn na buannachd as fheàrr às.

Sin a rèir an eòlaiche chumhachd Murchadh Moireach.

Bha Mgr Moireach a' bruidhinn an dèidh do dh'aithisg tighinn a-mach a sheall gu bheil fada a bharrachd bhuannachd an lùib thuathan-gaoithe don àrainneachd na bha an Riaghaltas an dùil.

Tha dòchas ann gun gabh sin cleachdadh gus taic an Riaghaltais fhaighinn às ùr do thuathan-gaoithe mòra sna h-Eileanan Siar, a leigeas le Càball a' Chuain Sgìth - a bheir an dealan gu Tìr-Mòr - a bhith air a chur an sàs.

Pàirce Chumhachd Mhara

Sguir Riaghaltas Bhreatainn den taic-subsadaidh a bha iad a' cur ri tuathan-gaoithe air tìr.

Tha consortium à Nirribhidh 's às an t-Suain, NorthConnect, cheanna an sàs ann am plana gus càball a chur fon mhuir gu Ceann Phàdraig, tro an reic iad cumhachd haidro ri Alba.

Tha Mgr Moireach ag ràdh gum feumar a h-uile strì a dhèanamh airson cumhachd ath-nuadhachail a' chinn a tuath a chur an rathad eile cuideachd.

"Nuair a thig tòrr obrach air adhart a thaobh leasachaidhean ath-nuadhachail a tuath, tha e gu bhith a' cur duilgheadas air a' ghriod a' dol sìos deas," thuirt e.

"Bhon tha loidhne dealain a' Mhanachainn - Deanaidh, tha cuingealachaidhean gu bhith air sin, bhon chan eil e a' dol a bhith furasta cead-dealbhachaidh fhaighinn airson leudachadh.

"A-rèiste, bhiodh e ìmpichte a bhith a' coimhead ri dè ghabhadh a dhèanamh a thaobh a' chinn a tuath, agus na h-Eileanan, agus a bhith a' ceangal sin a-steach ri Nirribhidh airson a bhith a' faighinn a-steach dhan Roinn Eòrpa.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Brexit a' dol a thoirt ìmpidh air sin, agus dh'fhaoidte a bhith a' coimhead ri sin a-nise gu h-àraid a thaobh gaoithe, air sgàth 's gu bheileas a' faicinn nam buannachdan.

"Agus cha bhiodh sin na chnap-starra do mhuinntir Shasainn, bhon a bhiodh e gu math fada air falbh bhuapasan.

"Nuair a bhathas ag obair shuas ann an Arcaibh, chuir iad Ionad Chumhachd na Mara an sin, EMEC.

"Agus air bhonn sin, fhuair iad pàirce chumhachd mhara.

"A bharrachd air sin, shìos ceann a deas Shasainn, nuair a bha iad ag obair ann an sin, chuir iad hub-tuinn an sàs a-muigh anns a' mhuir, agus air bhonn sin fhuair iad pàirce chumhachd mhara.

"Nise, tha mise den làn-bheachd, nam b' e 's gun robh rudeigin anns na h-Eileanan a' coimhead ri measgachadh chumhachd, gu h-àraid a bhith a' toirt gaoithe, agus obraichean eile a thaobh chumhachd na mara ri chèile, agus a bhith ag obair tro, mar eisimpleir, haidroidean, gu bheil cothroman ann a thaobh stòradh, gus gum biodh sin na bhuannachd dhan rìoghachd 's dhan Riaghaltas.

"Tha mi a' smaoineachadh, nam b' e 's gun robh rudeigin "niche" air a chur an sàs anns na h-Eileanan Siar, gun toireadh e cothrom an uair sin a bhith a' cur rudeigin mar phàirce chumhachd mhara timcheall nan Eilean Siar, far a bheil fhios gu bheil cumhachd co-dhiù."