Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Dh'iarr buidheann a tha a' riochdachadh feadhainn a dh'fhulaing air Riaghaltas na h-Alba an rannsachadh mu dhrabastachd an aghaidh cloinne ann an cùram a leudachadh gu ball-coise agus roinnean eile. An-dè thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gum bu chòir do Chomann Ball-Coise na h-Alba rannsachadh farsaing a dhèanamh air na casaidean sin. Ach tha a' bhuidheann iomairt, White Flowers Alba, ag ràdh gur e an Riaghaltas a bu chòir gluasad air a' chùis.

Ceannairc

Chaidh sianar a chur an grèim ann an diofar sgìrean de Shasainn anns a' mhadainn an-diugh fo amharas gun robh iad ri ceannairc. Chuir poilis ceathrar an grèim ann an Derby, aon duine ann am Burton on Trent agus aon bhoireannach ann an Lunnainn.

Casg

Thèid òrdugh ag iarraidh casg air buidhinn na làimhe deise, National Action, mu choinneimh buidheann de Bhuill-Phàrlamaid an-diugh. Tha Achd na Ceannairc a' cur casg mu thràth air mu 70 buidheann ach 's e National Action a' chiad bhuidheann bhon làimh dheis a bhiodh air an liosta sin. Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, gur e buidheann nuadh-Natsach a th' ann an National Action agus gu bheil dleastanas oirrese dìon a chur air tèarainteachd na coimhearsnachd agus na dùthcha.

Gràin-Cinnidh

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dol a ghabhail ri mìneachadh oifigeil air dè dìreach a th' ann an gràin-cinnidh agus dìmeas air Iùdhaich. Sgrìobh an cathrannas, International Holocaust Remembrance Alliance, am mìneachadh oifigeil ris am bi an Riaghaltas a' gabhail.

Brexit

Bheir luchd-iomairt a' riochdachadh dhaoine à dùthchannan eile anns an Aonadh Eòrpach, a tha a' fuireach ann am Breatainn, litir gu Sràid Downing an-diugh ag iarraidh gealltanais gum faod iad fuireach anns an dùthaich seo an dèidh Brexit. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach dèan iad sin gus am faigh iad an aon seòrsa gealltanais do Bhreatannaich a tha a' còmhnaidh ann an dùthchannan eile anns an EU.

Cosla

Thuirt Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, Cosla, gum bi sgrios ann ma thèid an còrr airgid a thoirt far buidseat nan comhairlean. Tha ceannardan comhairle a' coinneachadh a-màireach, mus tèid innse dhaibh Diardaoin dè an t-suim airgid a bhios iad a' faighinn bhon Riaghaltas. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèiligeadh gu cothromach ris na comhairlean.