Inbhir Nis na phrìomh àite do luchd-turais?

Drochaid Cheasaig Image copyright Thinkstock
Image caption Bha Inbhir Nis air thoiseach air àitean mar Fez ann am Morocco agus Stuttgart anns a' Ghearmailt.

Nochd Inbhir Nis aig àireamh a h-ochd air liosta de na bailtean as motha a tharraingeas de luchd-turais Eòrpach ann an 2017.

'S e a' chompanaidh thurasachd eDreams ODIGEO a dh'ullaich an liosta stèidhichte air na chaidh de làithean-saora a chur air dòigh mar-thà anns na diofar bhailtean.

'S e baile Turin ann an ceann a tuath na h-Eadailt a nochd aig mullach na liosta, le Astana ann an Casagstan agus Rotterdam anns an Òlaind a' tighinn na dhèidh.

Tarraingeach

Tha a' chompanaidh a' dèanamh dheth gur e mar a thuit luach an Not às dèidh referendum an Aonaidh Eòrpaich a rinn Inbhir Nis nas tarraingiche do luchd-turais Eòrpach.

Tha Murchadh Caimbeul aig a bheil taigh leabaidh 's bracaist ann an Inbhir Nis ag ràdh gu bheil rudan mar am prògram telebhisein Outlander cuideachd air a' Ghàidhealtachd a thoirt gu aire dhaoine.

Tha e cuideachd den bheachd gu bheil an t-seirbheis adhair ùr eadar Inbhir Nis agus Heathrow air diofar a dhèanamh.

"A bharrachd air sin tha hub againn ann an Amsterdam an-diugh agus tha sin a' ruith à Inbhir Nis gu ruige Amsterdam, agus le sin tha e nas fhasa do dhaoine às an Roinn Eòrpa tighinn gu ruige Inbhir Nis, agus tha sin ga chuideachadh cuideachd" thuirt e.

Thog e ceist ge-tà mu dè cho deiseil 's a tha Inbhir Nis brath a ghabhail air an iarrtas a th' ann.

"Chan eil fios agamsa càite a bheil iad dol a dh'fhuireach o chionn bidh tòrr àitean air an lìonadh tràth 's cha bhi àitean ann airson nan daoine a tha a' siubhail bho àite gu àite gach oidhche - tha mi a' smaoineachadh gur e trioblaid mhòr a bhios an sin".

'S e Inbhir Nis an aon àite ann am Breatainn a nochd air a' liosta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile