Tuathan-gaoithe "nas fheàrr na bha dùil"

Tuath-gaoithe

Tha cumhachd na gaoithe a' cur tòrr a bharrachd ri lùghdachadh càrboin ann am Breatainn, na tha tomhaisean an Riaghaltais a' dèanamh a-mach, a rèir rannsachaidh ùir bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Rinn iad rannsachadh air dàta air feadh Bhreatainn thairis air sia bliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil am feum a tha tuathan-gaoithe a' dèanamh an aghaidh ghasaichean millteach coltach ri còrr air 2,000,000 càr a thoirt far an rathaid.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur às do shubsadaidhean airson tuathan-gaoithe air tìr.

Chuir sin fearg air muinntir nan Eilean Siar gu h-àraid.

Tha an Riaghaltas fhathast gun taic a thoirt do dhà thuath gaoithe mòr a tha san amharc an sin - agus tha càball dealain fhaighinn gu Tìr Mòr a' crochadh orra.

Ach tha dòchas gun cuir an aithisg chudromach seo barrachd ìmpidh air an Riaghaltas.

Thug Sgoil Einsinnìridh Oilthigh Dhùn Èideann sia bliadhna a' ransnachadh an fheum a tha tuathan-gaoithe a' dèanamh dhan àrainneachd.

Tha iad air co-dhùnadh gun do shàbhail cumhachd gaoithe faisg 36,000,000 tunna de ghasaichean càrboin anns an ùine sin.

Tha sin mar gun toireadh tu 2,300,000 càr far an rathaid - 200,000 càr a bharrachd air na bha an Riaghaltas a' tomhais.