Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Làraidh

Dhiùlt britheamhan cead do theaghlaichean a chaill càirdean casaidean prìobhaideach a thogail an aghaidh Harry Clarke, dràibhear na làraidh sgudail a bh' anns an tachartas anns an deach sianar a mharbhadh ann an Glaschu ann an 2014. Agus ann an cùis eile chaidh cead a dhiùltadh do theaghlaichean dithis nighean a chaill am beatha nuair a bhuail car annta ann an Glaschu ann an 2010.

Drabastachd

Thuirt feachdan poilis air feadh Bhreatainn gu bheil 83 duine fo amharas aca a-niste mu dhrabastachd an aghaidh cloinne ann am ball-coise. Thuirt Comhairle Nàiseanta nan Ceannardan Poileas gu bheil an rannsachadh a' toirt buaidh air faisg air 100 cluba ball-coise agus gu bheil iad a' sìor chluinntinn bho fheadainn a dh'fhaodadh a bhith air fulang agus bho fheadhainn eile a tha a' tabhann fiosrachaidh orra.

Gearraidhean

Thuirt an t-aonadh GMB gun dèan gearradh cosnaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd sgrios air seirbheisean poblach. Tha e air tighinn am follais gu bheil a' Chomhairle a' coimhead air 200 dreuchd a ghearradh agus airgead a chùmhnadh le cur às do sheirbheis nam maor-dùthcha, nas lugha de ghlanadh air na sràidean agus àrdachadh air faraidhean Aiseag a' Chorrain. Thuirt Ceannard Buidseat na Comhairle, Bill Fernie, gu bheil iad an dòchas nach tig air duine an obair fhàgail an aghaidh an toil.

Croitearachd

Tha coinneamh shònraichte aig Coimisean na Croitearachd ann an Inbhir Nis an-diugh. Dh'iarr am Fear-Gairm, Cailean Ceannadach, a' choinneamh shònraichte seo agus e coltach gu bheil e a' feuchainn ri cur às do cho-dhùnadh na coinneimh mu dheireadh far an deach iarraidh air an dreuchd fhàgail.

APD

Dh'atharraich Tòraidhean na h-Alba am beachd air a' chìs-adhair APD a bha iad airson a chumail. Tha iad a-niste ag iarraidh a' chìs a thoirt far astar fada, còrr 's 2,000 mìle, mar dhòigh air an còrr den t-saoghal fhosgladh do dh'Alba an dèidh Brexit. Tha iad cuideachd ag iarraidh a' chìs a chumail aig an aon ìre air astar goirid eadar Alba agus tìr-mòr na h-Eòrpa nuair a gheibh Holyrood na cumhachdan sin ann an 2018. Tha a h-uile coltas gun cuir Riaghaltas na h-Alba, a tha ag iarraidh APD a ghearradh, fàilte air taic nan Tòraidhean.

CalMac

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum feum barrachd agus aon duine às an sgìre a bhith air Buidheann Riochdachaidh Coimhearsnachd Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a thèid a stèidheachadh an ath-bhliadhna. Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Iain MacAoidh, a bhruidhinn ri riochdaire Chal Mac ann an Steòrnabhagh an-dè, nach d' fhuair iad gealltanas sam bith ach gu bheil iad an dòchas gun tèid èisteachd riutha.