Ionnsaigh homofòbach an Inbhir Nis

Seacaid Phoilis

Tha oifigear òg san arm fo chasaid gun tug e ionnsaigh homofòbach air fear òg an Inbhir Nis, mus do mhaoidh e losgadh air poilis.

Nochd Nicholas Weake, 22, sa chùirt Dihaoine, fo chasaid gun do bhuail e duine òg mu bhodhaig air Àrd-Shràid Inbhir Nis air an aon là, agus gun do chleachd e cainnt homofòbach ris ann an taigh-seinnse sa bhaile.

Thathas a' fàgail air gun do rinn e seo ri linn gràin an aghaidh dhaoine gèidh.

Nochd e mu choinneimh siorraim ann an Inbhir Nis, ann an glasan-làimhe goirid an dèidh sin.

Chaidh e às àicheadh nan casaidean, a thuilleadh air dà chasaid eile, gun robh e ri guidheachain ri oifigearan poilis, agus gun tuirt e 's e ga cheasnachadh aig stèisean poilis, seach gur e oifigear san arm a bh' ann 's gun robh cothrom is trèanadh aige air gunnaichean, 's gun loisgeadh e air oifigear poilis.

Chaidh an uair sin a thilleadh a Dhùn Deòrsa, far an do bhruidhinn a chomanndair ris.

Tha dùil gun nochd e a-rithist sa chùirt sa Chèitean.

San eadar-ama, 's e saor air urras, chan fhaod e a dhol faisg air an duine air a bheileas ag ràdh gun tug e ionnsaigh, 's chan fhaod e a dhol a-steach dha taigh-sheinnse Johnny Foxes nas motha, gus am bi a' chùis seachad.