Coimiseanair air coiseachd a-mach

Tha fear de chomiseanairean Coimisean na Croitearachd, Dàibhidh Caimbeul, air coiseachd a-mach à coinneimh shònraichte den Choimisean is e mì-thoilichte nach eil cead aig a' phoball a bhith an làthair.

Tha Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a' dèanamh oidhirp cur às do cho-dhùnaidhean a' Choimisein aig a' choinneimh mu dheireadh ann am Brùra far an do bhòt buill iarraidh air seasamh sìos.

Dhiùlt coimiseanairean gabhail ri gluasad bho Mhgr Caimbeul a' choinneamh fhosgladh chun a' phobaill.

Tuilleadh air an sgeulachd seo