An càball a' cheist as cudromaiche

Tuath-gaoithe

'S e am faigh na h-Eileanan an Iar càball dealain ùr gu Tìr-Mòr co-dhùnadh cho cudromach dha na h-eileanan 's a ghabhas riaghaltas sam bith ann an 50 bliadhna.

Sin beachd Thormoid Dhòmhnallaich, Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, agus esan ag ràdh nach eil daoine a' tuigsinn cho mòr 's a bheir an co-dhùnadh buaidh air an sgìre.

Bha e a' bruidhinn agus an t-ùghdarras a' deasbad co-chomhairle a tha a' dol air adhart an-dràsta air cumhachd gaoithe anns na h-Eileanan.

"Tha e air aithneachadh a-nis gu bheil cnap-starra eile mu ar coinneimh bhon Riaghaltas air sgàth 's nach eileas a' dol a chleachdadh CFD (sgeama an Riaghaltais air a bheil Contracts For Difference) aig an ìre seo airson càball a thoirt dha na h-Eileanan," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Pròiseactan Coimhearsnachd

"Gun càball a' tighinn chun nan Eileanan, chan eil sinn a' dol a dh'fhaighinn cumhachd ath-nuadhachail a' dol a-mach, agus chan eil sinn a' dol a dh'fhaighinn toradh no buaidh sin ann an dòigh sam bith," thuirt e.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur cuideim air pròiseactan mòra ath-nuadhachail nan iomairt Càball a' Chuain Sgìth fhaighinn.

Ach tha cuid air a bhith gan càineadh airson sin, 's iad ag ràdh gum bu chòir barrachd taic a thoirt do phròiseactan beaga coimhearsnachd, ri linn na buannachd a bheir sin don àite.

Chan eil Mgr Dòmhnallach ag aontachadh.

"Tha sinn a' dol às àicheadh sin gu tur, agus tha mi a' smaoineachadh gun robh aithisgean a bha mu ar coinneimh a' sealltainn, agus chuala sinn bho bhuidhnean leithid Stòras Uibhist agus Oighreachd Ghabhsainn, mun taic a bha a' Chomhairle a' cur riutha a thaobh chumhachd ath-nuadhachail thairis air na bliadhnaichean.

"Tha sinne air a bhith an sàs ann an sin, ach tha sinne mothachail nach eil dòigh eile ann air càball mòr fhaighinn tarsainn air a' Chuan Sgìth a bheir an dealan a-mach às na h-Eileanan gun phròiseactan mòra as urrainn plana gnìomha a chur bho SSE gu Ofgem, air dòigh 's gun cuir iad còrr air £700m mu choinneimh càbaill.

"Tha e gu bhith do-dhèante sin a dhèanamh ann an dòigh sam bith eile.

"Ach tha an Riaghaltas ag iarraidh oirnn coimhead, anns a' chonaltradh a tha a' dol a-mach an-dràsta, a bheil dòigh sam bith eile ann as urrainn dhuinn an càball a tha seo fhaighinn gun a bhith a' cleachdadh CFD.

Teagmhach

"Tha sinne teagmhach dha-rìribh an gabh sin a dhèanamh, ach tha sinn fosgailte ri còmhradh ris an Riaghaltas mu dheidhinn, agus dh'iarradh sinn air daoine taic a chur ris a' Chomhairle ann a bhith a' dèanamh sin.

"Tha pròiseactan coimhearsnachd gu ìre mhòir air tighinn gu stad aig an ìre seo fhèin.

"Tha sinn a' cruthachadh barrachd chumhachd ath-nuadhachail aig ìre choimhearsnachd na thathas a' cleachdadh ann an Leòdhas is na Hearadh, agus cuideachd gu ìre shìos ann an Uibhist.

"Agus le sin dheth, chan eil cothrom ann an cumhachd a tha sin a reic ris a' mhargaid. Tha a' mhargaid air a chuingealachadh a-mhàin dha na h-Eileanan.

"Mura faigh sinn dòigh air an cumhachd a tha sin a thoirt a-mach chan eil dòigh sam bith ann a ghabhas leudachadh mòr sam bith a dhèanamh a thaobh chumhachd ath-nuadhachail.

"Chan eil sinn a' bruidhinn air pròiseactan mòra gu ìre sam bith gun càball a thighinn a-steach," thuirt e.