MV Loch Fyne a' dol tro dheuchainn an Linne Shlèite

Linne Shlèite

Tha coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil iongnadh mòr orra gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' beachdachadh air an MV Loch Fyne a chur air an t-slighe eadar Armadal is Malaig.

Tha an soitheach a' dol tro dheuchainnean ann an Linne Shlèite an t-seachdain seo.

Gu h-àbhaisteach, tha am bàt'-aiseig air an t-slighe eadar Loch Àlainn is Fisnis - slighe a tha gu math fasgach.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite air a bhith a' gearain nach deach clàr-ama an t-Samhraidh fhoillseachadh airson na slighe eadar an Eilean Sgitheanaich is Malaig fhathast.

An-uiridh, roghnaich Cal Mac soithichean nas lugha a chur air slighe an MV Coir' Uisg'.

Tha am Fòram air a bhith ag iarraidh a' bhàta sin air ais.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad a' beachdachadh air grunn roghainnean airson na slighe ann an oidhirp na trioblaidean a bh' ann as t-Samhradh an-uiridh a sheachnadh.