Ministear Còmhdhail Alba a' dràibheadh gun àrachas

Humza Yousaf

Chaidh Ministear Còmhdhail na h-Alba a ghlacadh a' dràibheadh càr le caraid dha air a' Ghàidhealtachd 's gun àrachas ceart aige air a shon.

Chuir poilis stad air Humza Yousaf agus e air an A835 eadar Inbhir Nis agus Ulapul oidhche Haoine.

Nuair a rinn na Poilis sgrùdadh, nochd e nach robh àrachas aig Mgr Yousaf ach airson an càr aige fhèin a dhràibheadh.

Thuirt e gur e "mearachd onarach" a bh' ann agus gun aidicheadh e ris an eucoir.

Chaidh aithris gun robh am ball Nàiseantach a' dràibheadh carbaid le caraid dha gu dinnear ann an Ulapul nuair a chuir poilis stad air.

Thuirt Mgr Yousaf gun robh e fhèin 's a bhean air sgarradh agus nach robh e fhathast air àrachas airson a' chàr a bh' aca a ghabhail thairis e fhèin.

Tha uallach air a bhith air a' mhinistear anns na seachdainnean mu dheireadh agus iomagain air mòran mu sheirbheisean Scotrail bho thòisich cùmhnant na companaidh Abellio an-uiridh.