Clàr dhan fhear-ruith Donaidh Caimbeul
- Air fhoillseachadh

Bhris am fear-ruith Donaidh Caimbeul clàr airson a bhith a' ruith agus 24 beanntan a shreap ann an 24 uairean a thìde.
Chuir Maighstir Caimbeul, 32, Sgitheanach a tha na fhear-trèanaidh pearsanta an Dùn Èideann, crìoch air Ramsey's Round ann an 23 uairean a thìde agus sia mionaidean Disathairne.
Chaidh e 56 mìle agus dhìrich e 28,000tr anns na beanntan an ear air a' Ghearasdan.
Tha dùil gur e an dàrna duine a rinn an cùrsa taobh a-staigh là tron gheamhradh.
Thuirt Maighstir Caimbeul gun robh e am measg na rudan bu dorra a rinn e a-riamh.
Rinn e a' chùis air Jon Gray a rinn Ramsay's Round ann an 2013, is e 12 diogan na bu luaithe.
Thuirt e ris a' BhBC: "Bha e brùideil. Thuit mi às dèidh dhomh a dhol tarsainn na loidhne crìochnachaidh às dèidh dhomh ruith sìos Beinn Nibheis."
Thuirt e gun robh e ag amas air a dhèanamh na bu luaithe na 24 uairean a thìde.
Tha 24 mullaichean ann an Ramsay's Round - 23 Rothaich nam measg.
Tha Rothaich còrr air 3,000tr a dh'àirde.
Tha an cùrsa air ainmeachadh às dèidh Theàrlaich Ramsay, a rinn e ann an 23 uairean a thìde agus 58 diogan ann an 1978.
Thug Maighstir Caimbeul taing dhan sgioba taic aige agus dha theaghlach.