Bryan Adams a' tighinn gu Inbhir Nis

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Supplied

Bidh an seinneadair ainmeil roc, Bryan Adams, a' cluiche an aona chuirm aige ann an Alba an ath-bhliadhn', ann an Inbhir Nis.

Thèid consairt an t-seinneadair à Canada, a chumail aig Pàirce a' Bhucht air an 16mh den Iuchair 2017.

Seo a' chiad uair a bhios Mgr Adams air a bhith air àrd ùrlar air a' Ghàidhealtachd.

'S e LCC Live, a bhios a' cur air dòigh chuirmean ann an Inbhir Nis, a th' air cùl a' chonsairt.

Bidh a' churim na phàirt de phrògram Live in the City a thèid air adhart air a' bhlàr a-muigh.

Bidh an còmhlan na Beach Boys agus Olly Murs cuideachd a' nochdadh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd ann an 2017.