Uàrd ospadail an Inbhir Nis fhathast dùinte

Fuirichidh uàrd meidigeach ann an Ospadal an Rathaig Mhòir dùinte do dh'euslaintich ùra, 's an tinneas norovirus air sgapadh ann.

Chaidh a dhearbhadh air triùir euslainteach ann an uàrd 2A, 's tha comharran an tinneis air triùir eile.

Tha an tinneas ag adhbhrachadh dìobhairt 's a' bhuinneach.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' comhairleachadh do dhaoine gun tadhail air ospadal ma tha gin de chomharran an tinneis air a bhith orra bho chionn dà latha.