Cuirm chuimhneachaidh do Adam Mitchell

Adam Mitchell Image copyright Teaghlach Mitchell

Thèid cuirm a chumail mar chuimhneachan air deugaire à Inbhir Nis a chaochail san t-Samhain 2016.

Chan fhacas Adam Mitchell bho chaidh e a-mach ann am meadhan a' bhaile air an 9mh là den mhìos.

Chaidh innse dha theaghlach air an 28mh den t-Samhain gun deach corp a lorg aig Peit Fhearghais ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Tha brath a' bhàis a' nochdadh anns a' phàipear-naidheachd Courier Inbhir Nis.

Dh'iarr a theaghlach gun cuir daoine umpa lèintean-T còmhlain ciùil mar urram do Mhgr Mitchell, a bha uabhasach dèidheil air ceòl, aig a' chuirm.

Thuirt iad gun deadh ceann-là agus àite sònraichte airson na cuirme cuimhneachaidh ainmeachadh uaireigin fhathast.