Rabhadh mu chuileanan aig àm na Nollaige
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh mu chuileanan aig àm na Nollaige

2 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leis an Nollaig a' teannadh dlùth bidh daoine a' meòrachadh air a bhith ceannach phreasantan.

Ach tha rabhadh ga thoirt seachad a bhith faiceallach mu aon phreasant gu h-àraid.

Tha Urras nan Con ag ràdh, gach bliadhna, gu bheil aig buidhnean carthannais ri dachannan ùra a lorg do chuileanan is coin a chaidh a thoirt seachad mar thìodhlaicean Nollaige.