"Barrachd ri dhèanamh" mu chleachdadh na Gàidhlig

Clas

Dh'aidich Ceannard Bhòrd na Gàidhlig gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast mus bi tòrr de na thig tro sgoiltean Gàidhlig dha-rìribh a' cleachdadh a' chànain taobh a-muigh na sgoile.

Bha rabhadh air tighinn bho eòlaiche cànanais Canàidianach, Chris Harvey, nach gabhadh mion-chànanan sàbhaladh mura biodh an luchd-labhairt ga cleachdadh dha-rìribh anns an dachaigh agus anns a' choimhearsnachd, agus leis an ath-ghinealach.

Dh'fhaighnich BBC Radio nan Gàidheal do Shona NicIllinnein an robh i a' gabhail ris nach robh daoine a bha a' tighinn tro na sgoiltean Gàidhlig anns na 30 bliadhna mu dheireadh a' dèanamh sin.

"Tha tòrr dhiubh ann a tha a' dèanamh sin - ach dh'fhaodadh sinn a bhith a' dèanamh barrachd, fad an t-siubhail," thuirt i.

"Tha sinn ag aithneachadh sin, 's mar sin tha sinn ag aithneachadh gu bheil feum air iomairtean a tha a' toirt misneachd do dhaoine òga a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

"Gu bheil barrachd chothroman ann, gu bheil iad a' faighinn sgilean far a bheil iad comasach a bhith a' cleachdadh a' chànain aca aig an taigh, san àite-obrach.

"Mar sin tha barrachd ri dhèanamh, tha sin gun teagamh," thuirt i.