"Cunnart" gun Chàball a' Chuain Sgìth

Càball air grunnd na mara

Thàinig rabhadh gum biodh e glè chunnartach dha na h-Eileanan an Iar coimhead air roghainnean eile 'son cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh seach Càball a' Chuain Sgìth a thogail.

Bha Iain MacÌomhair bho Urras Steòrnabhaigh a' bruidhinn agus Riaghaltas Westminster air a ràdh gum feum iadsan fianais ùr mus toir iad taic dhan chàball.

Tha cuid ag ràdh gum bu chòir meòrachadh air roghainnean eile, leithid leasachadh a thoirt air a' chàball a th' ann an-dràsta.

Cha dèan sin a' chùis, a rèir Mhgr MhicÌomhair.

"Ged a dheadh an càball a th' ann an-dràsta a neartachadh, tha trioblaid mhòr ann an cumhachd fhaighinn à seo gu far am feumadh e a dhol," thuirt e.

"Agus mus tachradh sin, dh'fheumadh an t-uabhas airgid a bhith air a chosg.

"Ach tha an cunnart ann, ma tha duine a' ruith seo agus a' smaoineachadh gun tachair e, gun toir e sùil bhon rud a tha sinn a' feumachdainn dha-rìribh, agus 's e sin càball ceart gu Tìr Mòr, a dh'fhosglas na dorsan a tha sinn air a bhith a' feuchainn ri fhosgladh.

"Rud sam bith a chuireas maill air sin, no rud sam bith a chuireas sin ann an cunnart, duine a tha a' dol sìos an rathad sin tha e a' cur an eilein ann an cunnart cuideachd," thuirt e.