Gàidhlig aig Morair Ionaid a' Chrùin

Dòmhnall Màrtainn Image copyright CNES

Chaidh Dòmhnall Màrtainn ainmeachadh mar Mhorair Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan Siar.

Leig Sandy MacMhathain dheth an dreuchd na bu tràithe den mhìos.

Tha Mgr Màrtainn, a tha a' fuireach ann an Steòrnabhagh ach a bhuineas do Bhun Abhainn Eadara anns na Hearadh, air a bhith na Leas-Mhorair Ionaid fad grunn bhliadhnaichean.

'S e a' chiad duine le Gàidhlig a bhios anns an dreuchd, rud a tha e a' faicinn gu math iomchaidh.

An Teaghlach Rìoghail

"'S e fìor-àrd-ùrram a th' ann dhomhsa an cothrom seo fhaighinn a bhith a' riochdachadh na Bànrighinn 's an teaghlaich rìoghail anns na h-Eileanan an Iar," thuirt Mgr Màrtainn.

"Agus tha mi a' coimhead air adhart gu mòr ri bhith a' coileanadh dleastanasan na dreuchd eachdraidheil seo, còmhla ri buill eile an Leftenancy a bhios ag obair còmhla rium.

"Tha Morair Ionaid a' Chrùin anns gach sgìre comhairle ionadail, agus 's iadsan a tha a' riochdachadh na Bànrighinn agus buill eile den teaghlach rìoghail anns an sgìre aca.

"Anns na h-Eileanan an Iar mar eisimpleir bidh agamsa ri ullachadh is comhairle a thoirt airson tursan rìoghail a cho-òrdanachadh, a' coinneachadh agus a' toirt neach-rìoghail timcheall air an turas, agus gan toirt gu buidhnean a tha a' gabhail compàirt anns an turas.

"Agus tha sinn cuideachd a' toirt comhairle agus molaidhean air rudan mar duaisean, a' dèanamh cheanglaichean le buidhnean saor-thoileach - gu sònraichte buidhnean mar Duke of Edinburgh Awards, agus na Caideatan, agus na seirbheisean armaichte.

"Bidh sinn cuideachd a' riochdachadh na Bànrighinn aig tachartasan sònraichte mar na seirbheisean cuimhneachaidh san t-Samhain, agus mar a tha sinn air bhith a' comharrachadh ceud bliadhna on chiad chogadh, na tachartasan sònraichte ceangailte ri sin.

"Cuideachd 's e Morairean Ionaid a' Chrùin a bhios a' toirt seachad duaisean mar am British Empire Medal agus Arctic Convoy Medal do dhaoine anns an sgìre far nach eil e cothromach dhan Bhànrigh fhèin a thighinn agus na duaisean a thoirt seachad," thuirt e.

Rìgh Eanraig VIII

'S e dreuchd gu math eachdraidheil a th' ann am Morair Ionaid a' Chrùin, ach chan eil i an-diugh coltach ri mar a bha.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cùisean air atharrachadh gu mòr, ma thèid sinn air ais gu toiseach na dreuchd, 's e an Rìgh Eanraig VIII a chruthaich na Morairean Ionaid a' Chrùin anns a' chiad àite," thuirt Mgr Màrtainn.

"Agus 's e a bh' aca sin ri dhèanamh, ach daoine às na sgìrean aca a ghairm airson sabaid taobh an Rìgh.

"Bha sin a' leantainn airson iomadach bliadhna, air sgàth 's aig an àm sin 's e mar as àbhaist tuathanaich agus daoine uaisle na sgìre a bh' air an taghadh airson a bhith nam Morairean Ionaid a' Chrùin.

"Thairis air na bliadhnaichean tha sin a-niste air atharrachadh gu mòr, agus tha barrachd is barrachd cheanglaichean eadar an dreuchd agus buidhnean coimhearsnachd, buidhnean saor-thoileach, agus na buidhnean a tha a' toirt taic dhan na seirbheisean armaichte," thuirt e.

A' Ghàidhlig

'S e Dòmhnall Màrtainn a' chiad duine le Gàidhlig a bhios na Mhorair Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan Siar.

"Cho fad 's is aithne dhomh chan eil air a bhith againn ach còignear anns an dreuchd anns na h-Eileanan an Iar suas chun an seo, agus den chòignear sin, tha fhios agam gur mi a' chiad fhear aig a bheil Gàidhlig," thuirt e.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e math gu bheil cuideigin ann a tha a' riochdachadh na coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar anns an fharsainneachd, agus 's i a' Ghàidhlig an cànan a th' againn, agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' dol sìos gu coinneamhan còmhla ri Morairean Ionaid a' Chrùin ann an àiteachan eile air feadh Bhreatainn, agus a' coinneachadh ri feadhainn aig a bheil cànan na Cuimris mar eisimpleir."