An t-Urr. Ailean MacArtair 1927-2016
- Published
Chaochail fear a bha ùine mhòr na mhinistear agus na chomhairliche air taobh siar Rois.
Bha an t-Urr. Ailean MacArtair, a bhuineadh do Ghrabhar ann an Leòdhas, 89 bliadhna de dh'aois.
Ghluais e fhèin agus a bhean a Dhùn Èideann à Loch Carrann, far an robh iad a' fuireach fad iomadh bliadhna, an-uiridh.
Bha e na chlarc ri clèir Loch Carrann agus an Eilein Sgitheanaich de dh'Eaglais na h-Alba fad cha mhòr 35 bliadhna.
Bha e cuideachd air grunn chomataidhean eile na h-eaglaise san ùine sin.
Bha e a' riochdachadh sgìrean Loch Carrann agus a' Chomraich air Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaigh anns na h-80an agus na 90an.
Fileanta sa Ghàidhlig, bha e cuideachd na bhall de dh'Ùghdarras nan croitearan, Buidheann Iomairt Rois is Chrombaigh, Comann Taigheadais Albyn agus Comhairle Choimhearsnachd Loch Carrann.
Ghluais e fhèin 's a bhean gu prìomh bhaile na h-Alba an-uiridh agus iad airson a bhith nas fhaisge air an teaghlach aca.
Tha dùil gun tèid an t-seirbheis tiodhlaicidh aige a chumail ann an Loch Carrann an ath-sheachdain.