Àranais a' cur ri tuath-gaoithe Bheatrice

Obair a' dol aig Àranais Image copyright Beatrice Offshore Windfarm Limited (BOWL)
Image caption Obair leasachaidh aig gàrradh Àranais

Tha obair a' dol aig Gàrradh Àranais air pìosan a thogail do thuath-gaoithe Bheatrice far chosta Ghallaibh.

Tha cùmhnant aig a' chompanaidh BiFab 28 seacaidean agus pìosan eile a chruthachadh airson an tuath-gaoithe ann an Linne Mhoireibh.

Tha a' chuid mhòr den obair stèidhichte aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas, ach tha obair cuideachd a' dol aig dà làraich eile BiFab ann am Fìofa.

Tha planaichean aig Tuath-gaoithe Mara Bheatrice Earranta 84 crainn a chur an sàs sa mhuir.

Thèid 10 a chrìochnachadh an ath-bhliadhna agus 16 ann an 2018.

Tha an leasachadh cuideachd a' ciallachadh gun tèid obair a chruthachadh aig cala Inbhir Ùige agus Pàirce Cumhachd Bhàgh an Eige aig beul Linne Chrombaigh.

Tha SSE, aig a bheil gnothach ris an leasachaidh, ag ràdh gu bheil iad an dùil gun tèid cha mhòr 600 megawatt de chumhachd a chruthachadh nuair a thòisicheas an tuath-gaoithe ag obair ann an 2019.