Oidhche shònraichte do Chalum Fearghasdan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oidhche shònraichte do Chalum Fearghasdan

30 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha oidhche air leth aig Albion Rovers ann an Cupa na h-Alba Dimàirt le tadhal sa mhionaid mu dheireadh an aghaidh Queen of the South gan cur troimhe 2-1 - is Celtic a-nise a' feitheamh orra san ath-chuairt.

'S e Calum Fearghasdan à Inbhir Nis a fhuair an tadhal cudromach sin, is bha Calum air a dhòigh às dèidh làimh.