Gartain Uibhist gan rannsachadh

Damh fèidh

Thòisich lìghiche-sprèidh a' rannsachadh a bheil ceangal eadar àireamh nam fiadh agus bitheantas an tinneas Lyme eadar dà cheann Uibhist.

Tha bliadhnaichean ann bho dh'iarr am bheat, Graham Charlesworth, air Comisean nam Fiadh agus Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), sgrùdadh a dhèanamh air seo, ach cha do thachair dad.

Tha fada a bharrachd dhaoine ann an Uibhist a' togail a ghalair, a tha a' tighinn bho ghartain, na tha an àite sam bith eile sna h-Eileanan an Iar.

"Bha car de dhùil agam, seach gur iadsan (SNH) ùghdarras eag-eòlach na h-Alba, gun robh iad air coimhead a-steach air mar a bha na dàimhean toinnte a tha an lùib seo ag obrachadh," thuirt Mgr Charlesworth.

Diofar thalamh

"Gun teagamh, tha seo na thrioblaid air feadh na h-Alba. Ach cha tug e fada aithneachadh gu bheil an suidheachadh ann an Uibhist caran neo-àbhaisteach.

"Tha cruth na tìre cho neo-àbhaisteach - rud a tha ga dhèanamh cho sònraichte - agus gur dòcha gur e sgìre a bha seo ris am bu chòir dhaibh a bhith air coimhead.

"Mar sin dheth, tha e deuchainneach nach eil iad air aire a thoirt dha," thuirt e.

Gun duine eile a' dèanamh dad mu dheidhinn, thòisich Mgr Charlesworth aig toiseach na bliadhna seo, air fianais a chruinneachadh mu phailteas nan gartan air diofar thalamh.

Bidh e a' coiseachd fad uair de thìde a' tarraing plaide ghil air uachdar na talmhainn ann an còig diofar àiteachan - croit faisg air a' mhachaire; dà chnoc anns a' mhòintich; croit anns a' mhòintich; agus croit ri taobh a th' air a dìon bho na fèidh le feansa.

Anns a' chumantas tha na gartain nas buailtiche leum as t-Earrach agus as t-Fhoghar - pàtran a tha ga leantainn gu ìre mhòir air na cnuic sa mhòintich, agus air a' chroit faisg air a' mhachaire.

Ach tha eadar 30 gus 40 gartan air an cunntadh a h-uile turas a tha e air a' chroit sa mhòintich.

Cha d' fhuair e ach ceithir gartain, dà thuras, air a' chroit ri taobh, a th' air a dìon bho na fèidh.

Sheall fiosrachadh a chruinnich BBC Radio nan Gàidheal gun do thog còrr agus 160 duine ann an Uibhist an tinneas Lyme ann an ceithir bliadhna, 's gun ach ceathrar ann am Barraigh, Leòdhas agus na Hearadh ga thogail san aon ùine.

Bha aon lighiche-sprèidh aig coinneimh phoblaich an Uibhist an-uiridh ag iarraidh cur às dha na fèidh uile mar dhòigh air dèiligeadh ris an trioblaid.

Tha Mgr Charlesworth a' moladh dà dhòigh.

"Bhiodh sin a' crochadh air cho mòr 's a tha na fèidh a' cur ris an trioblaid. Gu follaiseach, ma tha iad a' cur ris gu mòr, tha am bheat ceart," thuirt e.

"Mura h-eil, 's e feansaichean an roghainn eile. Chan e a b' fheàrr, gun teagamh, oir bhiodh an sgìre sin fhathast, air cùl an fheansa, far a bheil gartain pailt, far an tog eòin agus beathaichean eile iad gus an giùlain air ais thar an fheansa chun an taobh siar far a bheil na daoine.

"Ach dh'fhaodadh gun fhiach sin san eadar-ama fhad 's a nithear sgrùdaidhean," thuirt e.

Thuirt Dualchas Nàdar na h-Alba gu bheil an àireamh de dhaoine le tinneas Lyme ann an Uibhist na adhbhar dragh.

"Tha na fèidh am measg nan creutairean air am bi na gartain a' laighe agus tha sinne air a bhith ag obair le oighreachdan agus croitrean airson plana gus rian a chumail air na fèidh ann an Uibhist".

"Tha an obair seo a' leantainn".

"Tha sinn a' dèanamh ath-sgrùdaidh air far a bheil beàrn anns an rannsachadh agus tha diofar dhaoine a tha an sàs anns a' chùis a' toirt fios mu na prìomhachasan acasan a thaobh dè an rannsachadh a bu chòir a bhith ga dhèanamh anns an àm ri teachd".