Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chaidh dùbhlan laghail eile a thogail an aghaidh plana an Riaghaltais airson Brexit agus am bi Breatainn a' fuireach anns a' mhargaidh shingilte. Tha a' bhuidheann British Influence, a tha air taobh an Aonaidh Eòrpaich, ag ràdh nach eil falbh às an EU idir a' ciallachadh gum biodh an Rìoghachd Aonaichte a' fàgail Sgìre Eaconamaich na h-Eòrpa. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ge-tà, gum fàg Breatainn a' mhargaidh shingilte aig an aon àm 's a dh'fhàgas an dùthaich an EU.

A' Phòlainn

Agus bidh Brexit air a' chlàr-ghnothaich an-diugh nuair a thadhaileas Prìomhaire na Pòlainn air Theresa May aig Sràid Downing. Agus tha dùil ri dearbhadh gun tèid 150 saighdear Breatannach eile a chur gu ceann a tuath na Pòlainn, faisg air crìoch na Ruis.

Nicola Sturgeon

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba ann am Baile Átha Cliath agus i a' feuchainn ri ceanglaichean a neartachadh eadar Alba agus Èirinn an dèidh na bhòta airson falbh às an EU. Bidh Nicola Sturgeon a' bruidhinn ri Pàrlamaid na h-Èireann, ris an Taoiseach Mìcheal D Higgins agus Ministear nan Cùisean Cèine, Charlie Flanagan.

Corp fireannaich

Thug Poilis corp fireannaich às a' mhuir faisg air Peit Fhearghais, tuath air Ceann Phàdraig, a-raoir. Ged nach eil dearbhadh oifigeil ann fhathast, chuir Poilis fios air teaghlach an deugaire Adam Mitchell à Inbhir Nis, a tha air a bhith a dhìth bho chionn faisg air trì seachdainean.

Drabastachd

Chaidh iarraidh air Comann Ball-Coise na h-Alba làn-rannsachadh a dhèanamh air dè cho farsaing 's a bha ionnsaighean drabasta a' dol air adhart anns an spòrs. Tha an FA ann an Sasainn a' cur rannsachaidh air bhonn an dèidh sreath aithrisean an sin air ionnsaighean drabasta aig diofar chlubaichean ann an Sasainn. Tha an SFA a' coinneachadh an-diugh cuideachd a dheasbad sàbhailteachd cloinne anns a' gheama.