Corp fireannaich ga lorg

Image copyright Mitchell Family
Image caption Cha chualas càil bho Adam Mitchell bhon 10mh là den t-Samhain.

Chaidh corp fireannaich a thoirt às a' mhuir ann am Peit Fhearghais, Siorrachd Obar Dheathain, agus chaidh fios a chur gu teaghlach Adam Mitchell às Inbhir Nis.

Tha Adam, 18, air a bhith a dhìth bhon 10mh là den t-Samhain.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh a' coiseachd air Rathad an Longman an Inbhir Nis mu 01:00m.

Chuir ball den phoball fios air na Poilis mu 9:00f Didòmhnaich gun robh corp sa mhuir faisg air Peit Fhearghais.

Thug oifigearan an corp gu tìr, agus obair aithneachaidh oifigeil air tòiseachadh.

Tha oifigearan a' toirt taic do theaghlach Adam Mitchell.

Chan eil an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo